Gràdh Geal Mo Chridh'

Tradução


Ishbel MacAskill

Compositor: Não Disponível

'N àm bhith cromadh ris a'ghleann
Thàinig snaidhm air mo chridh'
Bho nach d'thug thu dhomh do làmh
'S mi'n dùil nach fhàgadh tu mi

Bheir mi ò hu ò hò
Bheir mi ò hu ò hì
Bheir mi ò hu ò hò
'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth

Dhèanainn treabhadh dhuit is buan
Chumainn suas thu gun dìth
Bheirinn as a' ghreabhal chruaidh
Do mo luaidh teachd an tìr

Ged nach eil sinn fhathast pòsd'
Tha mi'n dòchas gum bi
Fhad' 's a mhaireas mo dhà dhòrn
Cha bhith lòn oirnn a dhìth

Dh'fhàg thu sìlteach mo shùil
Dh'fhàg thu tùrsach mo chridh'
Dh'fhàg thu tana-glas mo shnuadh
'S thug thu ghruag bhàrr mo chìnn

©2003- 2024 lyrics.com.br · Aviso Legal · Política de Privacidade · Fale Conosco desenvolvido por Studio Sol Comunicação Digital